Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.
Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi.
Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.
Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.
Agus chrom Iehosaphat a cheann, le a aghaidh gu làr; agus thuit Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, sìos am fianais an Tighearna, a’ dèanamh adhraidh don Tighearna.
Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.
Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth.
Agus bheannaich Esra an Tighearna, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh don Tighearna len aghaidhean ris an talamh.
Gun abair sibh, Seo ìobairt càisg an Tighearna, a chaidh thairis air taighean chloinn Israeil anns an Eiphit, nuair a bhuail e na h‑Eiphitich, agus a shaor e ar taighean-ne. Agus chrom an sluagh iad fhèin, agus rinn iad adhradh.
Agus chunnaic Israel an obair mhòr sin a rinn an Tighearna air na h‑Eiphitich, agus bha eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus chreid iad an Tighearna agus Maois a sheirbhiseach.
Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna.
Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Eiphit:
Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.
Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.
Agus chunnaic an sluagh uile am meall neòil na sheasamh aig doras a’ phàillein: agus dh’èirich an sluagh uile suas, agus rinn iad adhradh, gach duine ann an doras a bhùtha.
Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean.
An dream air a’ charraig, is iad sin iadsan, nuair a dh’èisdeas iad, a ghabhas am facal dan ionnsaigh le gàirdeachas, ach chan eil aca seo freumh, muinntir a chreideas rè tamaill, agus an àm buairidh a tha a’ tuiteam air falbh.
Agus dh’èirich i suas maille ra ban-chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.