Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Tilg air an làr i. Agus thilg e air an làr i, agus rinneadh i na nathair: agus theich Maois roimhpe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus gabhaidh tu an t‑slat seo ann ad làimh, leis an dèan thu comharraidhean.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cuir a‑mach do làmh, agus glac air a h‑eàrr i. Agus chuir e a‑mach a làmh, agus rug e oirre, agus rinneadh slat dhith na làimh.

Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan