Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Imich an coinneamh Mhaois don fhàsach. Agus dh’imich e, agus choinnich e e ann an sliabh Dhè, agus phòg e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus phòg Iàcob Rachel, agus thog e suas a ghuth agus ghuil e.

Agus dh’èirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà‑fhichead là, agus dà‑fhichead oidhche, gu ruig Hòreb, sliabh Dhè.

Chuir e dan ionnsaigh Maois, a òglach fhèin, Aaron a thagh e.

Agus thàinig Ietro, athair-cèile Mhaois, agus a mhic, agus a bhean, a dh’ionnsaigh Mhaois don fhàsach, far an do champaich e aig sliabh Dhè.

Agus chaidh Maois a‑mach an coinneamh a athar-chèile, agus rinn e ùmhlachd dha, agus phòg e e, agus dh’altaich iad beatha a chèile: agus thàinig iad a‑steach don bhùth.

Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil:

Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.

Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.

A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.

Agus leig e uaithe e: an sin thubhairt i, Is fear-pòsda fuileachdach thu airson an timcheall-ghearraidh.

Is fheàrr dithis na aon duine, a chionn gu bheil deagh dhuais aca airson an saothrach.

Uime sin èirich, agus gabh sìos, agus imich maille riu, gun amharas air bith a bhith ort: oir is mise a chuir uam iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan