Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimcheall-gheàrr i ro‑chraiceann a mic, agus thilg i aig a chasan e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear-pòsda fuileachdach dhòmhsa thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus an leanabh mic neo-thimcheall-gheàrrte, aig nach timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn, gearrar an t‑anam sin a‑mach o a shluagh; bhris e mo choicheangal.

Agus mar seo thubhairt Simei nuair a mhallaich e e, Thig a‑mach, thig a‑mach, thusa a dhuine fhuileachdaich, agus a dhuine le Belial:

An sin thug Ietro, athair-cèile Mhaois, leis Siporah bean Mhaois, an dèidh dha a cur air a h‑ais,

Agus bha Maois toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine: agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi.

Agus leig e uaithe e: an sin thubhairt i, Is fear-pòsda fuileachdach thu airson an timcheall-ghearraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan