Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh air an t‑slighe anns an taigh-òsda, gun do choinnich an Tighearna e, agus gun d’iarr e a mharbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus an leanabh mic neo-thimcheall-gheàrrte, aig nach timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn, gearrar an t‑anam sin a‑mach o a shluagh; bhris e mo choicheangal.

Agus nuair a dh’fhosgail fear dhiubh a shac, a thoirt bìdh da asal anns an taigh-òsda, chunnaic e a airgead; oir, feuch, bha e am beul a shaic.

Agus nuair a dh’fhalbh e, thachair leòmhann air anns an t‑slighe, agus mharbh e e; agus thilgeadh a chorp air an t‑slighe, agus sheas an asal làimh ris: sheas an leòmhann mar an ceudna làimh ris a’ chorp.

Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh.

Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

Coinnichidh mi iad mar mhath-ghamhainn on do bhuineadh a cuileanan, agus reubaidh mi sgairt an cridhe; agus an sin sluigidh mi iad mar leòmhann boireann: nì fiadh-bheathach na machrach an reubadh.

An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan