Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do chiad-ghin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail e gach ciad-ghin nan tìr, toiseach an neirt uile.

A bhuail ciad-ghin na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh,

Dhàsan a bhuail na h‑Eiphitich nan ciad-ghinean, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Agus a bhuail e gach ciad-ghin anns an Eiphit, toiseach an neirt ann am pàilleanan Ham;

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:

Agus gheibh gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit bàs, o chiad-ghin Phàraoh, a tha na shuidhe air a rìgh-chathair, eadhon gu ciad-ghin na ban-tràille a tha air cùl a’ mhuilinn, agus uile chiad-ghin nan ainmhidhean.

Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, o chiad-ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh-chathair, gu ciad-ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad-ghin ainmhidh.

Agus nuair a chruadhaich Phàraoh e fhèin, agus nach b’àill leis ar leigeadh air falbh, an sin mharbh an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon ciad-ghin duine, agus ciad-ghin ainmhidh; air an adhbhar sin, ìobraidh mi don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, mas fireann iad, ach uile chiad-ghin mo chloinne fuasglaidh mi.

Agus dh’innis Maois da athair-cèile gach nì a rinn an Tighearna air Phàraoh, agus air na h‑Eiphitich air sgàth Israeil, gach saothair a thàinig orra air an t‑slighe, agus cionnas a shaor an Tighearna iad.

Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.

Imich a‑steach, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a‑mach as a dhùthaich.

Agus their thu ris, Chuir an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhòmhsa anns an fhàsach: agus, feuch, gus a seo cha b’àill leat èisdeachd.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do shlat, agus buail duslach na talmhainn, a‑chum gum fàs e na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a‑mach a làmh le a shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e na mhialan air duine agus air ainmhidh: rinneadh uile dhuslach na talmhainn na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh (feuch, tha e a’ teachd a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge) agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus innis dha, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast,

Nuair a bha Israel na leanabh, an sin thug mise gràdh dha; agus a‑mach as an Eiphit ghairm mi mo mhac.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan