Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Eiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin.

Dh’iompaich e an cridhe gu fuath a thoirt da shluagh, agus gu buntainn gu cealgach ra sheirbhisich.

Mar a nochd e a chomharraidhean anns an Eiphit, agus a obraichean iongantach ann am machair Shòain;

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair:

Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e air falbh clann Israeil.

Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha leigeadh e leo imeachd.

Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chan èisd Phàraoh ribh, a‑chum is gum meudaichear m’iongantasan ann an tìr na h‑Eiphit.

Agus cruadhaichidh mise, eadhon mise, cridhe nan Eiphiteach, agus thèid iad a‑steach nan dèidh: agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh, agus a‑thaobh a shlòigh uile, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.

Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus lean e air tòir chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird.

Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir.

Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Eiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.

Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus nì mi mo chomharraidhean agus m’iongantasan lìonmhor ann an tìr na h‑Eiphit.

Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad.

Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus chruadhaich Phàraoh a chridhe air an àm seo mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t‑sluagh imeachd.

Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu; mar a labhair an Tighearna ri Maois.

Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e clann Israeil air falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois.

Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.

Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin.

Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn-sa iad.

Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì-chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh:

Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e.

Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo?

O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus on bhaile a tha làimh ris an t‑sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon bhaile tuilleadh is làidir air ar son; thug an Tighearna ar Dia iad uile thairis dhuinn.

Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus clach-thuislidh, agus carraig-oilbheim dhaibhsan a thuislicheas air an fhacal, air dhaibh a bhith eas-umhail, a‑chum mar an ceudna an d’òrdaicheadh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan