Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Maois a bhean agus a mhic, agus chuir e iad air asail, agus thill e do thìr na h‑Eiphit. Agus ghabh Maois slat Dhè na làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.

Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.

Agus thubhairt e ri Maois, Tha mise, d’athair-cèile Ietro, air teachd ad ionnsaigh, agus do bhean, agus a dithis mhac maille rithe.

Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi am choigreach ann an tìr aineoil.

Agus gabhaidh tu an t‑slat seo ann ad làimh, leis an dèan thu comharraidhean.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod sin ann ad làimh? Agus thubhairt esan, Slat.

Agus thog Maois suas a làmh, agus bhuail e a’ charraig le a shlait dà uair; agus thàinig an t‑uisge a‑mach gu pailt: agus dh’òl an co‑chruinneachadh, agus an sprèidh.

An sin theich Maois airson an fhacail seo, agus bha e na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan