Agus ghabh Iàcob dha fhèin slatan glasa den chritheann, agus den challtainn, agus de chraoibh nan geanm-chnò; agus rùisg e annta stiallan geala, agus leig e ris an geal a bha anns na slatan.
Agus thubhairt Elisa rithe, Ciod a nì mise air do shon? Innis dhomh ciod a tha agad anns an taigh? Agus thubhairt ise, Chan eil aig do bhanoglaich nì air bith anns an taigh, ach soitheach ola.
Imich-sa a dh’ionnsaigh Phàraoh anns a’ mhadainn; feuch, tha e a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge, agus seasaidh tu na choinneamh air bruach na h‑aibhne; agus an t‑slat a thionndaidheadh na nathair, gabhaidh tu ad làimh.
Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.
Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.
Agus a‑thaobh uile dheicheamh a’ chruidh, no an treuda, eadhon gach nì air bith a dh’imicheas fon t‑slait; bidh an deicheamh dheth naomh don Tighearna.
Beathaich do shluagh led luirg, treud d’oighreachd, a tha a’ gabhail còmhnaidh gu h‑uaigneach anns an fhrìth; ann am meadhon Charmeil ionaltradh iad, ann am Basan, agus an Gilead, mar anns na làithean o shean.