Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair-cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Eiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Is mise Iòseph; a bheil m’athair fhathast beò? Agus cha b’urrainn a bhràithrean a fhreagairt; oir bha eagal orra ro a làthaireachd-san.

Agus chuir Elisa teachdaire da ionnsaigh, ag ràdh, Imich, agus nigh thu fhèin seachd uairean ann an Iòrdan, agus thig d’fheòil a‑rìs ad ionnsaigh, agus bidh tu glan.

Agus thubhairt esan ris, Imich ann an sìth. Agus dh’imich e uaithe beagan astair.

Agus bha Maois toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine: agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi.

A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.

Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.

Agus an dèidh làithean àraidh, thubhairt Pòl ri Barnabas, Tilleamaid agus faiceamaid ar bràithrean anns gach baile anns an do shearmonaich sinn facal an Tighearna, cionnas a tha iad.

Agus dh’innis fear-coimhead a’ phrìosain na briathran seo do Phòl, Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios uapa sibhse a leigeadh as: uime sin rachaibh a‑mach, agus imichibh ann an sìth.

Measadh a mheud is a tha fon chuing, nan seirbhisich, gur airidh am maighistirean fhèin air an uile urram; a‑chum nach faigh ainm Dhè, agus a theagasg, toibheum.

Agus thubhairt an sagart riu, Imichibh ann an sìth: an làthair an Tighearna tha ur slighe air a bheil sibh ag imeachd.

An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich ann an sìth: agus gun tugadh Dia Israeil dhut d’iarrtas a dh’iarr thu air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan