An sin thubhairt e ri Gehasi, Crioslaich do leasraidh, agus glac mo bhata-sa ann ad làimh, agus bi ag imeachd: ma thachras tu air duine sam bith, na beannaich dha: agus ma bheannaicheas duine sam bith dhut, na freagair e a‑rìs: agus cuir mo bhata air aghaidh an leinibh.
Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.
Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.
Gabh an t‑slat, agus cruinnich thusa an coitheanal an ceann a chèile, thu fhèin agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh ris a’ charraig fa chomhair an sùl, agus bheir i seachad a h‑uisge; agus bheir thusa a‑mach uisge dhaibh as a’ charraig, agus bheir thu deoch don choitheanal, agus dan sprèidh.
Ach roghnaich Dia nithean amaideach an t‑saoghail seo, a‑chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice; agus roghnaich Dia nithean anfhann an t‑saoghail, a‑chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach;