Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.
Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh.
Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.
An sin ghabh Ieremiah clàr eile, agus thug e do Bharuch mac Neriah, an sgrìobhaiche, e, a sgrìobh ann o bheul Ieremiah uile bhriathran an leabhair a loisg Iehoiacim rìgh Iùdah anns an teine; agus chuireadh os bàrr riu mòran de bhriathran eile cosmhail riu sin.
Agus thubhairt Maois, Le seo bidh fhios agaibh gun do chuir an Tighearna mise a dhèanamh nan obraichean sin uile; oir cha do rinn mi iad as mo cheann fhèin.
Agus thubhairt Balàam ri Balac, Feuch, tha mi air teachd ad ionnsaigh: a bheil agam a‑nis cumhachd idir nì sam bith a ràdh? Am facal a chuireas Dia am bheul, sin labhraidh mi.
Os bàrr, a bhràithrean, tha mi a’ cur an cèill dhuibh an t‑soisgeil a shearmonaich mi dhuibh, ris an do ghabh sibhse mar an ceudna, agus anns a bheil sibh nur seasamh;
Togaidh mise suas fàidh dhaibh o mheasg am bràithrean, cosmhail riutsa, agus cuiridh mi mo bhriathran na bheul, agus labhraidh e riu gach nì a dh’àithneas mi dha.
Ach dod thaobh-sa, seas an seo làimh riumsa, agus labhraidh mi riut na h‑àitheantan uile, agus na reachdan, agus na breitheanais, a theagaisgeas tu dhaibh, a‑chum is gun dèan iad iad anns an fhearann a tha mise a’ tabhairt dhaibh ra shealbhachadh.