An Tighearna, Dia nèimh a thug mise o thaigh m’athar, agus o thìr mo dhìlsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Dod shliochd bheir mi am fearann seo; cuiridh esan a aingeal fhèin romhad, agus gabhaidh tu bean dom mhac as a sin.
Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhnachan matha sin ri teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fo làimh Phàraoh, agus gleidheadh iad biadh anns na bailtean.
An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn.
Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Mhaois, agus thubhairt e, Nach e Aaron an Lèbhitheach do bhràthair? Tha fhios agam gun labhair esan gu math. Agus mar an ceudna, feuch, tha e a’ teachd a‑mach ad choinneamh: agus nuair a chì e thu, bidh e subhach na chridhe.
Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi.
Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.
An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn.
Agus thàinig aingeal an Tighearna a‑nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi a‑nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi a‑steach sibh don fhearann a mhionnaich mi dur n‑athraichean; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choicheangal ribh gu bràth.