Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Chuir e dan ionnsaigh Maois, a òglach fhèin, Aaron a thagh e.

Teagaisg dhomh do thoil a dhèanamh, oir is tu mo Dhia; treòraicheadh do spiorad math mi gu tìr an ionracais.

Na bi mar each no mar mhuileid aig nach eil ciall, don cuirear sparrag agus srian nam beul, a‑chum nach tig iad am fagas dhut.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

Agus thubhairt e, O mo Thighearna, cuir, guidheam ort, le làimh an tì a chuireas tu.

Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh tu facail na bheul: agus bidh mise led bheul-sa, agus le a bheul-san, agus teagaisgidh mi dhuibh ciod a nì sibh.

Agus labhraidh esan air do shon-sa ris an t‑sluagh: agus bidh esan, bidh eadhon esan, dhut an àite beòil, agus bidh tusa dhàsan an àite Dhè.

Agus rinn e mo bheul mar chlaidheamh geur; ann an sgàil a làimhe dh’fhalaich e mi; seadh, rinn e mi am ghath lìomhte; thaisg e mi na dhòrlach.

Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.

Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul.

Agus thubhairt Maois, Le seo bidh fhios agaibh gun do chuir an Tighearna mise a dhèanamh nan obraichean sin uile; oir cha do rinn mi iad as mo cheann fhèin.

Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh.

Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.

Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh.

Agus air mo shon-sa, a‑chum gun toirear dhomh comas labhairt le fosgladh mo bheòil ann an dànachd, a‑chum gum foillsich mi rùn-diamhair an t‑soisgeil;

Togaidh mise suas fàidh dhaibh o mheasg am bràithrean, cosmhail riutsa, agus cuiridh mi mo bhriathran na bheul, agus labhraidh e riu gach nì a dh’àithneas mi dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan