Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? No cò a rinn am balbh, no am bodhar, no an tì a chì, no an dall? Nach mise, an Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile.

A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan.

A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù.

An tì a shuidhich a’ chluas, nach cluinn e? An tì a dhealbh an t‑sùil, nach faic e?

A’ chluas a chluinneas, agus an t‑sùil a chì, rinn an Tighearna iad araon.

A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.

Agus bhean e rim bheul, agus thubhairt e, Feuch, bhean seo rid bhilean; agus tha d’aingidheachd air a toirt air falbh, agus do lochd air a ghlanadh.

An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.

Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul.

Agus bha làmh an Tighearna orm anns an anmoch, mun tàinig esan a theich, agus dh’fhosgail i mo bheul, gus an tàinig e thugam anns a’ mhadainn; agus dh’fhosgladh mo bheul, agus cha robh mi na bu mhò balbh.

An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e?

Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran-sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.

Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè.

Thubhairt cuid eile, Chan iad seo briathran duine anns a bheil deamhan; a bheil deamhan comasach air sùilean nan dall fhosgladh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan