Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e iad air guaillean na h‑èphoid, gu bhith nan clachan cuimhneachain do chloinn Israeil; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair mi iad, agus thubhairt mi riu, Dia nan nèamh, soirbhichidh esan leinn: a chionn gur sinne a sheirbhisich, èiridh sinn agus togaidh sinn: ach agaibhse chan eil cuibhreann, no còir, no cuimhneachan ann an Ierusalem.

Agus cuiridh tu an dà chloich air guaillean na h‑èphoid, mar chlachan cuimhneachain do chloinn Israeil. Agus giùlainidh Aaron an ainmean ann an làthair an Tighearna air a dhà ghualainn, mar chuimhneachan.

Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth.

Bidh an dà mhìr-guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè earrann air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh, bidh mar an ceudna an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre.

An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan