Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean-sìthe, bheannaich e an sluagh ann an ainm Tighearna nan sluagh.
Agus anns an aon-bhliadhna-deug, anns a’ mhìos Bul (is e sin an t‑ochdamh mìos), chrìochnaicheadh an taigh na earrannan uile, agus a rèir a chumaidh uile. Agus bha e seachd bliadhna ga thogail.
Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na h‑ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus na h‑ìobairtean-sìth, bheannaich e an sluagh ann an ainm an Tighearna.
An sin dh’èirich na sagartan agus na Lèbhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala Dia an guth, agus thàinig an ùrnaigh suas da àite-còmhnaidh naomh-san, do nèamh.
Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a-chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
A‑nis do aon leth-threubh Mhanaseh, thug Maois sealbh ann am Basan; ach don leth-threubh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar. Agus cuideachd, nuair a chuir Iosua air falbh iad dam pàilleanan, an sin bheannaich e iad.