Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil an obair uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus anns an aon-bhliadhna-deug, anns a’ mhìos Bul (is e sin an t‑ochdamh mìos), chrìochnaicheadh an taigh na earrannan uile, agus a rèir a chumaidh uile. Agus bha e seachd bliadhna ga thogail.

Agus cha do chlaon iad o àithne an rìgh mu na sagartan agus na Lèbhithich, a‑thaobh nì air bith, no a‑thaobh nan ionmhas.

Agus dh’fhalbh clann Israeil, agus rinn iad mar seo; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad.

Agus thigeadh gach duine glic-chridheach nur measg, agus dèanadh e gach nì a dh’àithn an Tighearna;

Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.

Aodach an fhrithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, an t‑aodach naomh airson Aaroin an sagart, agus aodach a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus dh’amhairc Maois air an obair uile, agus, feuch, rinn iad i mar a dh’àithn an Tighearna, eadhon mar sin rinn iad i: agus bheannaich Maois iad.

Is amhail a dh’imich mi agus a dh’fhalaich mi e aig Euphràtes, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh.

No co‑dhiù a b’ann dà là, no mìos, no bliadhna, a dh’fhan an neul air a’ phàillean, a’ fuireach air, dh’fhan clann Israeil nam bùthan, agus cha d’imich iad: ach nuair a thogadh suas e, ghabh iad an turas.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Gach nì a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gun dèan sibh e: cha chuir thu ris, cha mhò a bheir thu nì sam bith uaithe.

Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.

Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan