Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Aodach an fhrithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, an t‑aodach naomh airson Aaroin an sagart, agus aodach a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu èideadh naomh dod bhràthair Aaron, airson glòire, agus airson maise.

Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.

Agus do mhic Aaroin nì thu còtaichean, agus nì thu dhaibh criosan, agus bonaidean nì thu dhaibh, airson glòire agus airson maise.

Agus èideadh na seirbhis, agus èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt,

Agus den ghorm, agus den chorcar, agus den sgàrlaid, rinn iad èideadh frithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, agus rinn iad èideadh naomh do Aaron; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Cùirteanan na cùirte, a puist, agus a buinn, agus am brat airson geata na cùirte, a cùird, agus a pinneachan, agus uile shoithichean seirbhis a’ phàillein, airson bùth a’ choitheanail;

A rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil an obair uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan