Agus nì thu coinnleir de òr fìorghlan, de obair bhuailte nìthear an coinnleir. Bidh a chas, agus a mheòir, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den obair cheudna.
Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.
Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.
A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail;