Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iad leac a’ chrùin naoimh de òr fìorghlan, agus sgrìobh iad oirre sgrìobhadh, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu còmhdach airson doras a’ bhùtha, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair ghrèise.

Agus crios de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, de obair shnàthaid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus cheangail iad rithe iall de ghorm, gu a daingneachadh air a’ chrùn gu h‑àrd; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Anns an là sin, bidh air cluig nan each, Naomhachd don Tighearna: agus bidh na coireachan ann an taigh an Tighearna mar na cuachan fa chomhair na h‑altarach.

Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa:

Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;

Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan