Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus crios de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, de obair shnàthaid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus nì thu còmhdach airson doras a’ bhùtha, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair ghrèise.

Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.

Agus nì thu an còta le obair ghrèise de anart grinn, agus nì thu an crùn-sagairt de anart grinn, agus nì thu an crios de obair shnàthaide.

Agus crùn-sagairt de anart grinn, agus bonaidean sgiamhach de anart grinn, agus briogais anairt de anart grinn toinnte,

Agus rinn iad leac a’ chrùin naoimh de òr fìorghlan, agus sgrìobh iad oirre sgrìobhadh, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan