Clag agus pomgranat, clag agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt, a fhrithealadh innte; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus gu h‑ìosal, air a h‑iomall, nì thu pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, air a h‑iomall mun cuairt: agus cluig òir eatorra mun cuairt.
Clag òir agus pomgranat, clag òir agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt.
Agus rinn iad cluig de òr fìorghlan, agus chuir iad na cluig eadar na pomgranatan, air iomall na fallainge mun cuairt eadar na pomgranatan:
Agus rinn iad còtaichean de anart grinn, de obair fhighte, airson Aaroin agus a chuid mhac,
Tha do gheugan mar lios phomgranat, leis a’ mheas as taitniche; le croinn champhir maille ri preasan spiocnaird:
Mar shnàthainn dearg air a dhath dà uair tha do bhilean, agus tha do chainnt binn: mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh.
Mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh.
(Agus, feuch, thàinig bean, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug, air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich:
Nì thu dhut fhèin fabhran air ceithir cheithreannan d’aodaich leis an còmhdaich thu thu fhèin.