Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iad dà fhàinne òir eile, agus chuir iad iad air dà thaobh na h‑èphoid gu h‑ìosal, leth ris a’ chuid bheòil dhith, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Bidh còig cùirteanan air an ceangal gach aon ri chèile; agus na còig cùirteanan eile air an ceangal gach aon ri chèile.

Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

Agus rinn iad dà fhàinne òir, agus chuir iad iad air dà cheann an uchd-èididh, air an iomall dheth, a bha air taobh na h‑èphoid a‑staigh.

Agus cheangail iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum gum biodh e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach biodh an t‑uchd-èideadh air a fhuasgladh on èphoid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan