Agus chuir iad an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhàinne air cinn an uchd-èididh.
Agus dà shlabhraidh de òr fìorghlan aig na cinn: nì thu iad de obair fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhraidhean fighte ris na failean.
Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà fhàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.
Agus dhaingnich iad dà cheann an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhail, agus chuir iad iad air mìrean-guaille na h‑èphoid, air a beulaibh.