Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iad air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn, de obair shnìomhte de òr fìorghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus an taigh mòr chòmhdaich e le fiodh giuthais, agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus thug e air craobhan-pailme èirigh suas air, agus slabhraidhean.

Agus dà shlabhraidh de òr fìorghlan aig na cinn: nì thu iad de obair fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhraidhean fighte ris na failean.

Agus bha na clachan a rèir ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug a rèir an ainmean le gearradh seula, gach aon aca le a h‑ainm fhèin, a rèir an dà‑threubh-dheug.

Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà fhàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.

Is àillidh do ghruaidhean le sreathan sheud, do mhuineal le slabhraidhean.

Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.

Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm-sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.

A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:

Iùdas, seirbhiseach Iosa Crìosd, agus bràthair Sheumais, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh le Dia an t‑Athair, agus air an coimhead le Iosa Crìosd, air an gairm:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan