Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 39:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus den ghorm, agus den chorcar, agus den sgàrlaid, rinn iad èideadh frithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, agus rinn iad èideadh naomh do Aaron; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Tha do theisteis ro‑fhìor; dod thaigh-sa is iomchaidh naomhachd, a Thighearna, gu bràth.

Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar,

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Agus gabhaidh iad òr, agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn.

Agus èideadh na seirbhis, agus èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt,

Eideadh an fhrithealaidh, a fhrithealadh anns an ionad naomh; an t‑èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh airson a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus gach fear aig an d’fhuaireadh gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, agus craicnean dearga reitheachan, agus craicnean bhroc, thug iad leo iad.

Agus buinn na cùirte mun cuairt, agus buinn geata na cùirte, agus uile phinneachan a’ phàillein, agus uile phinneachan na cùirte mun cuairt.

Aodach an fhrithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, an t‑aodach naomh airson Aaroin an sagart, agus aodach a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Nuair a thèid na sagartan a‑steach ann, an sin cha tèid iad a‑mach as an ionad naomh gus a’ chùirt a‑muigh, ach an sin cuiridh iad an aodaichean, far a bheil iad a’ frithealadh; oir tha iad naomh: agus cuiridh iad orra aodaichean eile, agus thig iad dlùth do na nithean sin a tha airson a’ phobaill.

Is e seo reachd an taighe: Air mullach an t‑slèibh bidh a chrìoch uile mun cuairt ro‑naomh: feuch, is e seo reachd an taighe.

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.

No fòs a‑chum e fhèin ìobradh gu minig, mar a thèid an t‑àrd-shagart gach bliadhna a‑steach don ionad naomh, le fuil nach leis fhèin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan