Agus rinn e don altair cliath de lìon-obair umha, fo a cuairt gu h‑ìosal, gu ruig a meadhon.
Agus nì thu dhi cliath de lìon-obair umha: agus nì thu air an lìon ceithir failbheagan umha air a cheithir oisnean.
Agus cuiridh tu e fo chuairt na h‑altarach gu h‑ìosal, agus bidh an lìon gu ruig meadhon na h‑altarach.
Agus rinn e uile shoithichean na h‑altarach, na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus na greimichean, agus na h‑aighnean teine: a soithichean uile rinn e de umha.
Agus thilg e ceithir failbheagan do cheithir oisnean na clèith umha, gu bhith nan àitean do na bataichean.