Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 38:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e le sin na buinn do dhoras pàillean a’ choitheanail, agus an altair umha, agus a’ chliath umha aice, agus soithichean na h‑altarach uile,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu airson a’ chòmhdaich còig puist de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr, agus tilgidh tu air an son còig buinn umha.

Agus bidh a fichead post, agus am fichead bonn, de umha: bidh cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead.

Bidh na puist uile timcheall na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead: bidh an cromagan de airgead, agus am buinn de umha.

Agus nì thu a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bidh a h‑adhaircean den nì cheudna; agus còmhdaichidh tu thairis i le umha.

Agus nì thu dhi cliath de lìon-obair umha: agus nì thu air an lìon ceithir failbheagan umha air a cheithir oisnean.

Agus b’e umha an tabhartais deich agus trì-fichead tàlann, agus dà mhìle agus ceithir cheud secel.

Agus buinn na cùirte mun cuairt, agus buinn geata na cùirte, agus uile phinneachan a’ phàillein, agus uile phinneachan na cùirte mun cuairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan