Agus rinn e uile shoithichean na h‑altarach, na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus na greimichean, agus na h‑aighnean teine: a soithichean uile rinn e de umha.
Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na greimichean feòla, agus an uidheam uile, rinn Huram do rìgh Solamh ann an taigh an Tighearna de umha lìomhte.
Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan-coille o bhile gu bile, cruinn mun cuairt, agus còig làmhan-coille a h‑àirde; agus chuartaich snàthainn deich làmhan-coille ar fhichead i mun cuairt.
Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.
Agus b’e gnàth nan sagart leis an t‑sluagh, nuair a dh’ìobradh duine sam bith ìobairt, gun tigeadh òglach an t‑sagairt, nuair a bha an fheòil ga bruith, agus greimiche-feòla thrì meur na làimh;