Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 38:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus den cheud tàlann airgid thilgeadh buinn an ionaid naoimh, agus buinn an roinn-bhrait; ceud bonn den cheud tàlann, tàlann do gach bonn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu dà‑fhichead cas airgid fon fhichead bòrd: dà chois fo aon bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois fo bhòrd eile a rèir a dhà làimh.

Agus an dà‑fhichead cas de airgead, dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile.

Agus bidh ochd bùird ann, agus an casan de airgead, sia-casan-deug; dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile.

Agus crochaidh tu e air ceithir puist de fhiodh sitim, air an còmhdachadh thairis le òr: agus bidh an cromagan de òr, air na ceithir buinn airgid.

Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud fear.

Agus den mhìle agus seachd ceud agus còig-seceil-dheug agus trì-fichead, rinn e cromagan do na puist, agus chòmhdaich e an cinn, agus chuir e cuairteagan man timcheall.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan