Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 38:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich clann Israeil o Rameses gu Sucot, mu thimcheall sia ceud mìle fear dan cois, a thuilleadh air cloinn.

Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.

Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna.

Agus den cheud tàlann airgid thilgeadh buinn an ionaid naoimh, agus buinn an roinn-bhrait; ceud bonn den cheud tàlann, tàlann do gach bonn.

Gabhaibh àireamh cinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, maille ri àireamh an ainmean, gach fireannach a rèir an ceann:

O fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel, àirmhidh tusa agus Aaron iad a rèir am buidhnean.

Eadhon iadsan uile a chaidh àireamh, b’iad sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.

Is iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean: b’iadsan uile a chaidh àireamh de na campannan, a rèir an armailtean, sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.

Gabhaibh àireamh co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, trìd thaighean an athraichean, iadsan uile as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel.

B’iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, sia ceud mìle agus aon mhìle, seachd ceud agus deich-ar‑fhichead.

Agus air teachd dhaibh do Chapernàum, thàinig luchd-togail na cìse gu Peadar, agus thubhairt iad ris, Nach eil ur Maighistir-se ag ìocadh na cìse?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan