Agus a‑nis car tamaill bhig nochdadh gràs on Tighearna ar Dia, a dh’fhàgail dhuinn fuidhill, agus a thabhairt tàirnge dhuinn na ionad naomh, a‑chum gun soillsicheadh ar Dia ar sùilean, agus gun tugadh e dhuinn beagan beothachaidh nar daorsa:
Is e sin àireamh nithean a’ phàillein, pàillean na Fianais, mar a dh’àirmheadh iad, a rèir àithne Mhaois, airson seirbhis nan Lèbhitheach le làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.
Amhairc air Sion, cathair ar n‑àrd fhèillean; chì do shùilean Ierusalem na còmhnaidh fhoisdinnich, na pàillean nach atharraichear; cha ghluaisear aon de a chuaillean gu bràth, cha mhò a bhrisear aon da chùird.
Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè.