Agus rinn e dà cheann de umha leaghte, a‑chum an cur air mullach nam post: còig làmhan-coille àirde aon chinn, agus còig làmhan-coille àirde a’ chinn eile.
Agus bha am brat airson geata na cùirte na obair shnàthaid de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: agus b’e fichead làmh-choille a fhad agus b’e a àirde anns an leud còig làmhan-coille, a’ co‑fhreagairt do chùirteanan na cùirte: