Agus rinn e altair na h‑ìobairt-loisgte de fhiodh sitim: còig làmhan-coille a fad, agus còig làmhan-coille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus trì làmhan-coille a h‑àirde.
Mar an ceudna, bha an altair umha, a rinn Besalil mac Uri mhic Huir, an sin fa chomhair pàillean an Tighearna; agus dh’iarr Solamh agus an coitheanal i.
Agus chuir e altair na h‑ìobairt-loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt-loisgte, agus an tabhartas-bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?
Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.
Agus tha am baile na laighe ceithir-cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc-shlait, dà‑mhìle-dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha.