Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 37:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha na ceruban a’ sgaoileadh an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh len sgiathan os cionn na cathair-thròcair, agus an aghaidhean ri chèile; ris a’ chathair-thròcair bha aghaidhean nan cerub.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air.

Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.

Agus chuir e na ceruban anns an taigh a b’fhaide a‑staigh; agus shìn na ceruban an sgiathan a‑mach, air chor is gun do bhean sgiath aon cheruib ri aon bhalla, agus sgiath a’ cheruib eile ris a’ bhalla eile; agus bhean an sgiathan ri chèile ann am meadhon an taighe.

Agus bidh na ceruban a’ sìneadh a‑mach an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh na cathair-thròcair len sgiathan, agus an aghaidhean ri chèile: ris a’ chathair-thròcair bidh aghaidhean nan cerub.

Agus rinn e am bòrd de fhiodh sitim: dà làimh-choille a fhad, agus làmh-choille a leud, agus làmh-choille gu leth a àirde.

Aon cherub aig a’ cheann air an taobh seo, agus cerub eile aig a’ cheann air an taobh ud: a‑mach as a’ chathair-thròcair rinn e na ceruban aig a dà cheann.

Os a chionn sheas seraphim: aig gach aon bha sia sgiathan; le dithis chòmhdaich e a aghaidh, agus le dithis chòmhdaich e a chasan, agus le dithis rinn e itealaich.

Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine.

Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.

A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.

Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd.

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan