Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 37:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e dà cherub de òr, buailte a‑mach à aon mhìr rinn e iad, aig dà cheann na cathair-thròcair;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

A’ dèanamh a ainglean nan spioradan, a luchd-frithealaidh nan teine lasrach.

O aodhair Israeil, èisd thusa a stiùras Iòseph mar threud; thusa a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, dealraich a‑mach.

Agus rinn e cathair-thròcair de òr fìorghlan: dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud.

Aon cherub aig a’ cheann air an taobh seo, agus cerub eile aig a’ cheann air an taobh ud: a‑mach as a’ chathair-thròcair rinn e na ceruban aig a dà cheann.

Agus labhair e ris an duine a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach, agus thubhairt e, Imich a‑steach eadar na rothan, fon cherub, agus lìon do làmh le èibhlean teine eadar na ceruban, agus sgap iad thar a’ bhaile. Agus chaidh e a‑steach ann am shealladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan