Agus rinn e dà fhailbheig òir dhi fo a coron, aig a dà oisinn, air a dà thaobh, gu bhith nan àitean do na bataichean a‑chum a giùlan leo.
Fa chomhair an iomaill bidh na failbheagan, a‑chum àitean do na bataichean, gus am bòrd a ghiùlan.
Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.
Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr.