Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.
Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh còmhdaichidh tu thairis i; agus nì thu oirre coron òir mun cuairt.
Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus dà làimh-choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna.
Agus rinn e dà fhailbheig òir dhi fo a coron, aig a dà oisinn, air a dà thaobh, gu bhith nan àitean do na bataichean a‑chum a giùlan leo.