Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 37:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus dà làimh-choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a dh’fhàs e cumhachdach, thogadh a chridhe suas a‑chum aimhleis, agus pheacaich e an aghaidh an Tighearna a Dhia: oir chaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, a losgadh tùise air altair na tùise.

Agus am bòrd agus a uidheam, agus an coinnleir fìorghlan le a uidheam uile, agus altair na tùise,

Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtean airson doras a’ phàillein;

De thàlann òir fhìorghlain rinn e e, agus a shoithichean uile.

Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.

Agus suidhichidh tu an altair òir a tha a‑chum na tùise fa chomhair àirc na Fianais, agus cuiridh tu brat an dorais ris a’ phàillean.

Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic?

Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.

Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;

Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan