De thàlann òir fhìorghlain rinn e e, agus a shoithichean uile.
Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl-shoithichean, de òr fìorghlan.
Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus dà làimh-choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna.