Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;
Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.
Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.
Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.