Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 37:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha an cnapan agus am meòir den nì cheudna: b’aon obair bhuailte de òr fìorghlan an t‑iomlan dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir.

Agus nì thu coinnleir de òr fìorghlan, de obair bhuailte nìthear an coinnleir. Bidh a chas, agus a mheòir, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den obair cheudna.

Bidh na cnapan agus am meòir den obair cheudna: bidh e uile na aon obair bhuailte de òr fìorghlan.

Agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, a rèir nan sia meur a’ dol a‑mach as.

Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl-shoithichean, de òr fìorghlan.

Bheir deich acraichean de fhìonlios aon bhat fìona, agus bheir homer de shìol uaithe ephah.

Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.

Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan