Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 37:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns a’ choinnleir bha ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille ri a chnapan agus a bhlàthan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu coinnleir de òr fìorghlan, de obair bhuailte nìthear an coinnleir. Bidh a chas, agus a mheòir, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den obair cheudna.

Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean anns a’ mheur eile, maille ri cnap agus blàth; mar sin anns na sia meòir a thig a‑mach as a’ choinnleir.

Agus anns a’ choinnleir bidh ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille rin cnapan agus am blàthan.

Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann am meur eile, maille ri cnap agus blàth: mar sin anns na sia meòir a’ dol a‑mach as a’ choinnleir.

Agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, a rèir nan sia meur a’ dol a‑mach as.

Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;

Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn slaite de chraoibh almoin.

Agus air an là màireach chaidh Maois a‑steach do phàillean na Fianais; agus, feuch, bha slat Aaroin, airson taigh Lèbhi, air briseadh a‑mach, agus air cur maoth dhuilleach aisde, agus air teachd fo bhlàth, agus air giùlan almoinean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan