Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 37:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chupain, agus a chuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe, de òr fìorghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.

Gidheadh cha do rinneadh do thaigh an Tighearna cupain airgid, smàladairean, cuachan, trompaidean, soithichean òir air bith, no soithichean airgid air bith, den airgead a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna:

Agus nì thu a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chuachan, agus a chupain, leis an toirear seachad ìobairt-dibhe; de òr fìorghlan nì thu iad.

Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr, gus am bòrd a ghiùlan.

Agus rinn e an coinnleir de òr fìorghlan; de obair bhuailte rinn e an coinnleir: bha a chas, agus a mheur, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den nì cheudna.

Agus b’e a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:

Ach ann an taigh mòr chan e a‑mhàin gu bheil soithichean òir, agus airgid, ach mar an ceudna soithichean fiodha, agus creadha; agus cuid dhiubh a‑chum urraim, agus cuid eile a‑chum eas-urraim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan