Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr, gus am bòrd a ghiùlan.
Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim,
Thall fa chomhair an iomaill bha na failbheagan, na h‑àiteachan do na bataichean gus am bòrd a ghiùlan.
Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chupain, agus a chuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe, de òr fìorghlan.