Mar an ceudna rinn e dha iomall de leud boise mun cuairt; agus rinn e coron òir da iomall mun cuairt.
Agus nì thu dha iomall de leud boise mun cuairt, agus nì thu coron òir da iomall mun cuairt.
Agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus rinn e dha coron òir mun cuairt.
Agus thilg e dha ceithir failbheagan òir, agus chuir e na failbheagan air na ceithir oisnean a bha aig a cheithir chasan.