Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 37:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Besalil an àirc de fhiodh sitim; dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h‑àirde:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Hur Uri, agus ghin Uri Besalil.

Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.

Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair-thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein,

Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.

Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn-bhrat.

Agus rinn mi àirc de fhiodh sitim, agus shnaidh mi dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus chaidh mi suas don t‑sliabh, agus an dà chlàr am làimh.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan