Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 36:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn gach duine glic-chridheach nam measg-san a dh’obraich obair a’ phàillein, deich cùirteanan de anart grinn toinnte agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid; le ceruban de obair ealanta rinn e iad:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e anns a’ ghuth-àit dà cherub de chrann-ola, gach aon dhiubh deich làmhan-coille air àirde.

Agus rinn Daibhidh dha fhèin taighean ann am baile Dhaibhidh, agus dh’ullaich e àite do àirc Dhè, agus shuidhich e bùth dhi.

Agus chaidh Solamh agus an coitheanal uile maille ris don àit àrd a bha ann an Gibeon; oir an sin bha pàillean coitheanal Dhè, a rinn Maois, òglach an Tighearna, anns an fhàsach.

Agus anns an taigh as ro‑naoimhe rinn e dà cherub de obair sho-ghluaiste, agus chòmhdaich e thairis le òr iad.

Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair-thròcair.

Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil.

Agus mise, feuch, thug mi seachad maille ris Aholiab mac Ahisamaich, de threubh Dhain; agus ann an cridhe gach neach a tha glic-chridheach chuir mi gliocas, agus nì iad gach nì a dh’àithn mi dhut;

Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair-thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein,

Agus thigeadh gach duine glic-chridheach nur measg, agus dèanadh e gach nì a dh’àithn an Tighearna;

Fad aon chùirtein ochd làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan-coille: na cùirteanan uile de aon tomhas.

Agus bhuail iad a‑mach an t‑òr na leacan tana, agus gheàrr iad e na shnàithnean, a‑chum a obrachadh am measg a’ ghuirm, agus am measg a’ chorcair, agus am measg na sgàrlaid, agus am measg an anairt ghrinn le obair ealanta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan