Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 36:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bu leòr an t‑uidheam a bha aca airson na h‑obrach uile, gu a dèanamh, agus bu tuilleadh is na bu leòr e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Air an là sin fhèin naomhaich an rìgh meadhon na cùirte a bha air beulaibh taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe; a chionn gu robh an altair umha a bha am fianais an Tighearna ro‑bheag a ghabhail nan ìobairt-loisgte, agus nan tabhartas-bìdh, agus saill nan tabhartas-sìthe.

Agus fhreagair Asariah an t‑àrd-shagart de thaigh Shadoic e, agus thubhairt e, On thòisich iad air na tabhartasan a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsaicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearna a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr seo.

Agus dh’àithn Maois, agus thugadh gairm air feadh a’ champa, ag ràdh, Na dèanadh fear no bean sam bith tuilleadh obrach airson tabhartas an ionaid naoimh. Mar sin thoirmisgeadh don t‑sluagh nì sam bith a thoirt leo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan